A cabeleira multilingüe
Meg Bateman | Gaélico escocés
Na Dualan
(Fuigheall)
Rugadh mi ann an talamh ghorm aig deireadh an t-saoghail far an leanainn an sprèidh.
Mac dìolain a th’ annam a bhuineas do threubhan seachranach nach do stad gus an d’ ràinig iad oir na tìre.
Chan eil freumhan agam ach freumh an t-sìl agus chan eil dachaigh agam ach a’ ghaoth.
Tha mi mar aon leis an treubh fhògarrach ud nach d’ rinn stàit riamh.
B’ aithne dhar spiorad aigeann na mara agus eòlas na h-ùireach.
S' e ar n-eachdraidh sgeul dhaoine a chaill an rionnag agus a chaidh à sealladh am measg a’ chruidh.
Ach am measg na trealaich, lorg mi an reul-iùil a’ sruthadh ann an gruaig na gealaich.
Agus a-mhàin ann am marrach a ciabhagan gun cheann bruidhnidh mi ri mo leannan.
(Air eadar-theangachadh le Meg Bateman)